Eilean mo Chridh
M. Kennedy-Fraser
Mo chridhe fo lèon, ochoin, nach fhaod mi bhi ann!
Mo chridhe fo lèon, ochoin, nach fhaod mi bhi thall,
Mo chridhe fo dhìobhail Righ! nach robh mise thall,
An eilean mo chridh, 'sfo thaobhghil leiter nam beann.
Sior iargain 'nam chom is fonn an eilein 'nam chluais,
Sior chrònan nan allt 'san deannruith siaradh gu cuan,
Sior ghàirich nan stuadh sior bhualadh shios agus shuas,
Is nigheanag nan dual ri duan fo leiter nam beann.
Mo chridhe fo lèon, ochoin, nach fhaod mi bhi thall,
Mo chridhe fo dhìobhail Righ! nach robh mise thall,
An eilean mo ghaoil 'sfo thaobhghil leiter nam beann,
Tha cuid de mo shluagh 'nan suain an eilean mo ghraidh,
Tha cuid diubh 'nan duisg ri urnuigh dhion air mo sgàth,
'S cha chaill mi mo dhùil 's mo run, mun criochnaich mo lá,
Gu'n till mi, dheoin Dia, gu m'iarrtus, leiter nam beann.
Mo chridhe fo lèon, ochoin, nach fhaod mi bhi ann,
Mo chridhe fo lèon, ochoin, nach fhaod mi bhi thall,
Mo chridhe fo dhìobhail Righ! nach robh mise thall,
An eilean mo chridh, 'sfo thaobhghil leiter nam beann.