An gille dubh ciar-dubh
Anonymous
Cha dirich mi bruthach, 's cha siubhail mi mòinteach,
Dh'fhalbh mo ghuth einn 's scha seinn mi òran,
Cha chaidil mi uair o Luan gu DiDòmhnaich.
'S mo ghille dubh ciardubh tighinn fo m'ùidh,
'S mo ghille dubh ciardubh tighinn fo m'ùidh.
Is truagh nach robh mise 's an gille dubh ciardubh
An aodainn na beinne Fo shileadh nan siantan,
An lagan beag fasaich no'n àiteigin diomhair,
'S cha ghabh mi fear liath 's tu tighinn fo m'ùidh,
'S cha ghabh mi fear liath 's tu tighinn fo m'ùidh.
Mo ghille dubh bòidheach, ge gòrach le càch thu
Dheanainn do phòsadh gun deòin do mo chàirdean,
Is shiubhlainn leat fada Feadh lagan is fhàsach,
'S cha ghabh mi fear liath 's tu tighinn fo m'ùidh,
Mo ghille dubh liath 's tu tighinn fo m'ùidh.