Maighdeanan na h-àiridh

Anonymous

Thug mi'n òidhche raoir 's mi bruadar

Mar ri nìonagan na buaile,

B' fhìnealt uasal min na gruagaich

seinn nan duanag anns an àiridh

Thug mi'n oidhche raoir 'san àiridh

Thug mi'n oidhche raoir 'san àiridh,

Chaith mi'n oidhche cridheil caoimhneil,

Mar ri maighdeanan na h-àiridh.

Thug mi'n oidhche raoir 'san àiridh

'S crodh a' sileadh bainne tàlaidh

'S dealt na h-oidhche sileadh caoimhneis

Air na maighdeanan 'san àiridh

Thug mi'n oidche raoir 'san àiridh

Thug mi'n oidhche raoir 'san àiridh

Chaith mi'n oidche criheil caoimhneil

Mar ri maighdeanan na h-airidh.

'S cianail dusgadh an fhirfhuadain

'Se siorionndrainn tir a bhruadair,

'S tiamhaidh buan da thar na stuadhan,

Ceol nan gruagach anns an àiridh

Thug mi'n oidhche raoir 'san àiridh

Thug mi'n oidhche raoir 'san airidh

Chaith mi'n oidhche cridheil caoimhneil

Mar ri maighdeanan na h-àiridh.